Kecárna Playlisty
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu
playlist

o deoch-slàinte mo ghaisgich
's còir a faicinn 'ga lionadh
is a cumail an cleachdadh
mar fasan da rìreadh
h-uile fear leis nach àit i
f'agam esan an iotadh
bhith 'ga h-òl gur h-e b'annsa
ma's branndaidh no fìon i
gur e b'annsa, gur e b'annsa

's a Dhòmhnaill òig Abraich
do shlàinte gum faic mi mun'n cuairt i
an t-og firinneach smachdail
nach robh tais an am cruadail
's beag iongnadh an t-àrdan
bhith gu h-àrd ann ad ghruaidhean
's a liuthad fuil rìoghail
tha sìoladh mu d'ghuillibh
's a liuthad fuil, 's a liuthad fuil

's dearbhadh air sin Sliabh a' Chlamhain
gun d'fhuair sibh barrachd an cruadal
thug thu an dùthchas o d'sheanair
b'àrd-cheannard air sluagh e
tha mo dhuil anns an Trianaid
ma's nì thig gu buaidh e
gum faic mi thu ad Dhiuca
an dèidh an crun ud a bhuannachd
'is 'nad Dhiuc', 'is 'nad Dhiuc'

cha b'e siubhal na slàinte
bh'aig a' ghraisg us a'teicheadh
's iomadh còta ruadh maduir
bh'anns an àraich gun leithcheann
agus slìnnein o'n ghualainn
agus cnuac chaidh a leagail
le luths nam fear làidir
ghabh an t-àrdan gun eagal
le luths nam fear, le luths nam fear...

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.