Kecárna Playlisty
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu

och a Theàrlaich òg Stiubhart
's e do chùis rinn mo leireadh
thug thu 'uam gach nì bh'agam
ann an cogadh 'nad aobhar
cha chrodh is cha chaoraich
tha mi 'caoidh ach mo chèile
o'n là dh'fhàg e mi 'm aonar
gun sìon san t-saoghal ach lèine
mo rùn geal òg

bu tu fear mòr bu mhath cumadh
o do mhullach gu d' bhrògan
tha do shlios mar an eala
's bias na meala air do phògan
d'fhalt dualach donn lurach
mu do mhuineal an òrdugh
'se gu camalubach cuimir
gach aon toit urram d'a bhòidhchead
mo rùn geal òg

o gur mise th'air mo sgàradh
's ged do chanam cha bhreug e
's iomadh tè bha 'm banntrach
nach tug __ dhut fhèine
fear do chèile 's do thuigse
cha robh furasd ri fheudainn
's cha do sheas an Cùl-lodair
fear do choltais bu trèine
mo rùn geal òg

och nan och, gur mi bochdag
's mi làn osnaich an còmhnaidh
chaill mi dùil ri thu thighinn
thuit mo chridhe gu dòrtadh
cha tog fidheall no clàrsach
pìob no taileasg no ceòl e
nis o chuir iad thu'n tasgadh
cha duisg caidreabh duin' òig mi
mo rùn geal òg

bha mi grèis ann am barail
gun bu mhaireann mo chèile
is gun tigeadh tu dhachaidh
le aithghearr 's le aoibhneis
ach tha'n t-àm dhol thairis
is chan fhaic mi fear d'eugais
gus an tèid mi dhan annart
cha dealaich do spèis rium
mo rùn geal òg

Text přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.