Kecárna Playlisty
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu

Leòdhasach an Tìr Chèin - text

playlist

tha mi fo mhulad bho sheòl mi
a Leòdhas, eilean mo ghràidh
far na dh'fhàg mi comunn na h-òige
is mo chàirdean uile ri tàmh
cha phill rium tuilleadh gach solas
's nach gòraich bh'agam nam phàisd'
mo chridhe air a lìonadh le dòrainn
's mo chomhnaidh thairis air sàl

mo chiabhag tha tana 's air liathadh
o' s cian bho dh'fhàg mi do bhagh
mo chridhe tha g'osnaich gad iargain
is m'iàrrtas tilleadh gach là
ged 's torrach am fearann 's fo chraobhan
cha luiginn fuireach na phàirt
bu mhath leam bhith trusadh nan caorach
's an fhraoch an eilean mo ghràidh

o nach robh mise far 'n iarrainn
an Siadair Iarach a' tàmh
far na dh'fhàg mi comunn bha rianail
aoidheil, carthannach, tlath
chan iarrainn a shonas gu sìorraidh
chan iarrainn solas gu bràth
ach dachaigh bhith agam na chrìochan
fo riaghladh na Athair na Slàint'

togaidh mi fhathast na siùil rithe
ma chaomhnas Dìa rium mo shlàint'
's gu faigh mi fom shealladh na stùcan
bha muirneach agam nam phàisd'
nuair ruitheas mo làithean san t-saoghal
b'e mo dhùrachd faighinn ann bàs
's mo chàradh an taic ri mo shìnnsir
's a ghlìb ri creagan na h-Àird

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.