Kecárna Playlisty
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu
playlist

ò gu sunndach mi air m'astar
falbh gu siùbhlach le bheag airtneul
do a chomhrag ri Bonaparte
's e bha bagairt air Rìgh deòrs'
illean chridheil, bitheamaid sunndach
seasaibh onoir ur dùthcha
fhad's a mhaireas luaidh is fudar
de rud chuireadh curam oirnn?
chan eil gealtachd nan gnuis-san
cha toir iad grùnnd do luchd a'bhosd

luchd nan osan geàrr 's nam fèileadh
còta sgàrlaid orr'mar èideadh
gum bu ghasd'iad an am èirigh -
's iad nach geilleadh an dèidh an leon

ann am Bruxelles a chaidh innse
gun robh Frangaich tigh'nn nam miltean:
's cha bhreug huam gur h-i an fhìrinn
's iomadh fear bhios sint'gun deò

nam biodh againn, mar bu dual dhuinn
lann Chinn-Ilich air ar gualainn
sgoilteamaid an cinn gun cluasan
gam bualadh le smuais nan dorn

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.