Kecárna Playlisty
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu

The Old Crone (Port na Caillich) - text

playlist

'nuair a théid mi chun na féill
bidh a' chailleach as mo dhéidh
casadaich am beul a cléibht
's fheudar dhomh bhith suidhe rithe

's fheudar dhomh bhith suidhe, suidhe
's fheudar dhomh bhith suidhe rithe
's fheudar dhomh bhith suidhe, suidhe
's fheudar dhomh bhith suidhe rithe

thig mi dhachaidh on bhuain
bhithinn gu h-airsnealach fuar
gheibhinn dhan a' phròs fhuar
làn na coiseduibhe dheth

làn na coiseduibhe, duibhe
làn na coiseduibhe dheth
làn na coiseduibhe, duibhe
làn na coiseduibhe dheth

thiginn dachaidh on chrann
bhithinn gu h-airsnealach fann
chìthinn a' rud nach biodh ann
samhla 's i 'na suidhe rium

samhla 's i 'na suidhe, suidhe
samhla 's i 'na suidhe rium
samhla 's i 'na suidhe, suidhe
samhla 's i 'na suidhe rium

thiginn dhachaidh on nì
bhithinn gu h-airsnealach sgìth
dheaghainn a laighe leam fhìn
shìn i 'cnàmhan dubha rium

shìn i 'cnàmhan dubha, dubha
shìn i 'cnàmhan dubha rium
shìn i 'cnàmhan dubha, dubha
shìn i 'cnàmhan dubha rium

mìle beannachd aig an eug
's iomadh fear dhan d' rinn e feum
thug e leis mo chailleach fhéin
's éibhinn liom gun d' shiubhail i

's éibhinn liom gun d' shiubhail, shiubhail
's éibhinn liom gun d' shiubhail i
's éibhinn liom gun d' shiubhail, shiubhail
's éibhinn liom gun d' shiubhail i...

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.