playlist

Òran Sùgraidh - text

's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn

's i Màiri Nic Neachdain as daicheile pearsa
ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò

's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg

'n uair sheallas mi t' aodann 's mi 'n coinneamh ri t' fhaotainn
gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir

's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg

cha leig mi thu 'n fhireach thoirt a' chruidh as an innis
air eagal na gillean bhith sìreadh do phòg

's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg

bheir mis' thu Dhùn Èideann a dh' ionnsachadh Beurla
's chan fhàg mi thu 'd èigin ri sprèidh an fhir mhòir

's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg

's e mheudaich mo ghaol ort gun d' fhàs thu cho aobhach
's gun leumadh tu daonnan cho aotrom 's na h-eòin

's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
's i nighean mo ghaoil an nighean donn òg

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.