playlist

Òran air a' Bhreith a' Phrionnsa Teàrlaich - text

'n naidheachd a fhuair sinn an dràsd'
a thàinig oirnn nuadh do'n tìr
chuir m'airtneal air chairtealan uam
dh'fhag aigeantach, uallach mi
cha bhi sinn tuilleadh na's mo
aig Deòrsa fada fo chis
thig sonas ri linn a' Phrionns' òig
's gheibh fir tha air fogradh sìth

rugadh Phoenix thall anns an Roimh
sgeul aigeantach mòr ri 'linn
gum bi neart agus ceart mar ri treòir
do'n fheàrr sheasas coir an Rìgh
thèid a' chuibhle fhathast mu'n cuairt
's am fear a tha shuas, bidh e shìos
bidh am fear a tha streapadh, gu h-àrd
's fear eile gu làr tuitidh sìos

tha Neptun a' mionnachadh dha
gu bheil muir dha co rèidh is tìr
tha Aeolus a' feitheamh a ghnath
's a'gleidheadh dha baidh a ghaoith
tha Mars us a chlaidheamh 'na làimh
le buaidh-chàth' 's gach àite am bi
tha plannta nan duilleagan tlath
toirt urrainn 'nan aiteachan fìn

thig mùthadh air fonn as droch-ghnè
cha bhi dris ann an làr nach crion
bidh gach tulach 'na iomairibh rèidh
's fàsaidh 'n cuithneachd air aodainn shliabh
cha dèan sinn tuilleadh cion-fath
o'n a thèirig an fhreumh nach cinn
sin an gartlann a ghlanadh o'n chàrr
bha bacadh dhuinn fàs ar sìol

sgeul eile cha chèil mi an drasd'
cuiridh coille trom-bhlàth os ar cinn
cuiridh 'n talamh gun airceas de bharr
tacar mara cur lain's gach lìon
bidh bainn' aig an eallaich's gach àit'
mil air bharraibh nan srabh's gach tìr
gun ghainne, gun airceas, gu bràth
gun ghaillionn ach blàths 's gach sian

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.