playlist

Òran - text

a ghruagach mhìn bhòidheach gun d'fhuair thu mi lapach
mo mhiann air dhol seachran is m'inntinn gun ghleus
bha dùil a'm bhith reidht' ann an cùrs mo mhac-meanmhainn
ach thàinig do mhais' orm gun fhiosta mar bheum

tha mo rùn ort mar shlàbhraidh an aghaidh a' ghaillinn 's
ri pianadh no aoibhneas 's tu acair mo chiall
's e do ghnè a bhith mald' mo chlach-iùil on a' chiad uair
a loisg air mo shùilean do chumadh san ial

bidh mo chàirdean a' magadh gur e th'ann ach saobhadh
iad nach d'fhairich do ghathan am buillsgean an deò
ach 's mise tha cinnteach, air gealladh mo chraidhteachd
gum bi thu 'nad leannan dhomh fhad 's bhios mi beò

a ghruagach mhìn bhòidheach gun d'fhàg thu mi lapach
Tha m'anam 'na fhasach on dh'fhàg thu mo thaobh
aon toinntean 'na thaic dhomh, gun till thu gam ionnsaigh
's gu siubhail sinn còmhla an cùibhreach a' ghaoil

Text přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.