playlist

Ò Mo Dhùthaich - text

o mo dhùthaich' stu th'air m'aire
Uibhist chùmhraidh ùr nan gallan
far a faighte na daoin' uaisle
far 'm bu dual do Mhac 'ic Ailein

tìr a' mhurain, tìr an eòrna
tìr 's am pailt a h-uile seòrsa
far am bi na gillean òga
gabhail òran 's 'g òl an lionna

thig iad ugainn, carach, seòlta
gus ar mealladh far ar n-eòlais
molaidh iad dhuinn Manitòba
dùthaich fhuar gun ghual, gun mhòine

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.