playlist

Mo Chailin Dìleas Donn - text

gu ma slàn a chì mi
mo chailin dìleas donn
bean a chuailein réidh air
an deas a dh'éireadh fonn
's i cainnt do bheòil bu bhinne leam
an uair bhiodh m'inntinn trom
's tu thogadh suas mo chridh'
'nuair bhiodh tu bruidheann riùm

gur muladach a tà mi
's mi nochd air àird a' chuain
's neo-shunndach mo chadal dhomh
's do chaidreamh fada bhuam
gur tric mi ort a smaointeach'
às t'aogais tha mi truagh
'is mar a dean mi d' fhaotainn
cha bhi mo shaoghal buan

tacan mu'n do sheòl sinn
is ann a thòisich càch
ri innse do mo chruinneag-sa
nach tillin-sa gu bràth
na cuireadh siud ort gruaimean
a luaidh, ma bhios mi slàn l
cha chùm dad idir 'uat mi
ach saighead chruaidh a'bhàis

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa


Přihlášení

Registrovat se

Nàdurra

Capercaillietexty

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.