playlist

Iain Ghlinn' Cuaich - text

o Iain Ghlinn' Cuaich
fear do choltais cha dual da fàs
cùl bachlach nan dual
's e gu camlubach suas gu bhàrr
's i do phearsa dheas ghrinn
a dh'fhàg mi cho tinn le gràdh
's nach 'eil cron ort ri inns'
o mhullach do chinn gu d'sàil

ach an trian dhe do chliù
cha chuir mise, a rùin an céill
's caoimh' faiteal dhe d'ghnùis
na ùr choille fo dhrùchd re gréin
gum b' e miann mo dhà shùil
a bhith sealltainn gu dlúth ad dhéidh
's math a b'airidh mo rùn-s'
air ban-oighre a' chrùin fo sgéith

Iain, Iain, a ghaoil
cuim' a leig thu mi faoin air chùl
gun ghuth cuimhn' air a' ghaol
a bh'againn araon air tùs?
cha tug mise mo spéis
do dh'fear eile fo'n ghréin ach thu
is cha toir as do dhéidh
gus an càirear mo chré 'san ùir

ged a chinn thu rium fuar
bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs
's a liuthad là agus chuir
thu 'n céill gum bu bhuan do ghràdh?
ach ma chaochail mi bhuaidh
's gun so choisinn mi t'fhuath na t-fhearg
tha mo bheannachd ad dhéidh
's feuch an tagh thu dhuit fhéin nas fhèarr

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa


Přihlášení

Registrovat se

Sidewaulk

Capercaillietexty

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.