playlist

Gaol troimh Aimsirean - text

geamhradh air chùl dhuinn 's funchd an Dùbhlachd
is gealladh earraich ris tighinn 'n ar smuain
aimsir dòchais dh' aois 's dh' òighridh
agus aimsir solais a leigeil dheth suain
flùran a' dùsgadh blàth's a' lughas
is spionnadh as ùr, an gaol bha'n inbhe dhol fuar
flùran a' dùsgadh blàth's a' lughas
is spionnadh as ùr, an gaol bha'n inbhe dhol fuar

gràdh geal an t-samhraidh cas-ruisgt' a deann-ruidh
is làithean sona ar leinn iad gun cheann
deàrrsadh grèine toirt uainn lèirsinn
a' dalladh ar cèile air saoghal mar bh'ann
seall ud am marach s'fiamh a' ghàir air
tairgse dhuinn gràdh nach fàs fuar no fann
seall ud am marach s'fiamh a' ghàir air
tairgse dhuinn gràdh nach fàs fuar no fann

oiteag an fhoghair fionnar thar fadhail
is arbhar fearrain nis buainte ri làr
Dìa ri mholadh 'son an toraidh
is Cruachan de chaonnadh fad' geamhraidh gu 'r blàth's
duilleach a' seargadh measan cuid searbh dhuidh
is Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar gràidh
duilleach a' seargadh measan cuid searbh dhuidh
is Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar gràidh

'nuair thig an geamhradh reòthadh mar lannsa
is stoirmean naimhdeil tigh'nn oirnne bho'n tuath
dhuinn mar choist e gaol g'e seasmhach
'm faigh sinn an teisteanas maireannach buan
dorcha g'e làithean dlùth dhuinn tha marach
's Earrach an àigh cur cagair 'n ar cluais

Text přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.