Kecárna Playlisty
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu

Clò Mhic Ille Mhìcheil - text

playlist

oganaich ùir a' chuil teudaich
's oil liom eudach a bhith dhìth ort
thug air clò Mhic'ille Mhìcheil

chuir Roinn Eòrpa clò am beart dhuit
's gu tig e às cha bhith sith ann

hug air clò Mhic'ille Mhìcheil
o hugaibh, hug a ri hug
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

ach, bith bithidh i fighte, cùmte, luaidhte
mus tig buain na Fèill Mhìcheil
hug air clo Mhic'ille Mhìcheil

gun tig gruagaichean Chlann Raghnaill
còmhlain dhaicheil nach dean dìobradh

hug air clò Mhic'ille Mhìcheil
o hugaibh, hug a ri hug
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

gun tig nionagan o'n Cheapaich
A bheir caithris air mun sgìthich
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

is gheibh sinn sgioba eile a Èirinn
o Iarl'Antram nan steud riomhach

hug air clò Mhic'ille Mhìcheil
o hugaibh, hug a ri hug
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

mar sin is Niallaich thar sàile
far shruthain làidir an lìonaldh
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

na b'ionann seo 's an luadhadh dosgach
bha'n Cuil-lodair nuair a phill sinn

hug air clò Mhic'ille Mhìcheil
o hugaibh, hug a ri hug
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

cuireamaid 'na èideadh Teàrlach
stracamaid an àird ar dichioll
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

dh'fhaodadh e bhith'n dràsda umad
'n a thrusgan urramach rioghail

hug air clò Mhic'ille Mhìcheil
o hugaibh, hug a ri hug
hug air clò Mhic'ille Mhìcheil

Text přidala hovnocucvosa

Video přidala hovnocucvosa

Tento web používá k poskytování služeb, personalizaci reklam a analýze návštěvnosti soubory cookie. Používáním tohoto webu s tím souhlasíte. Další informace.